Naidheachd

Standard

ASTAR Glen Tolsta – Leabhar

 

Chaidh an leabhar, “ASTAR Glen Tolsta”, fhoillseachadh airson taic a chur ris an taisbeanadh air a bheil an aon ainm. ’S e an craoladair agus an sgrìobhaiche, Catriona Mhoireach, a tha mion-eòlach air a’ chuspair, a sgrìobh an aiste san leabhar. Maille ri seo tha leth-bhreacan dathte dhen obair-ealain a tha san taisbeanadh agus DVD dhen fhiolm ghoirid, “Rathad a’ Ghlinne” .Tha an taisbeanadh ga shealltainn an-dràsta aig An Lanntair ann an Steòrnabhagh agus tha copaidhean dhen leabhar rim faighinn an-sin. Lean an ceangal gu h-iosal airson an leabhair a cheannach air loidhne tro larach-lìn Chomhairle nan Leabhraichean:

 

https://lsh507.securepod.com/gaelicbooks.org/merchantmanager/product_info.php?cPath=51&products_id=1325

 

 

 

Standard

ASTAR Glen Tolsta

Disathairne 11 An Gearran – Disathairne  24 Màrt 2012

An Lanntair, Ionad Ealain, Steòrnabhagh, Eilean Ledhais,Innse Gall.

Ulaidh 1 - Ola air creadh, 26 cm

ASTAR – pròiseact a tha a’ meòrachadh air a bhith ‘air astar’ tro thìm gus eachdraidh còig teaghlaichean a dh’ fhàg na dachaighean aca ann an sgìre na Pàirce ann an Leòdhas ann an 1843 a lorgachadh as ùr. Thog iad dachaighean ùra dhaibh fhèin ann an Gleann Tholastaidh, àite a bha fàs aig an àm. Ged a shoirbhich leotha ann a bhith a’ stèideachadh coimhearsneachd làidir chaidh a’ choimhearsneachd seo cha mhòr a-mach a bith as deidh an dàrna cogaidh, direach beagan ghinealachan as deidh dhan chiad ‘Ghleannaich’  tighinn ann. ‘S e a bhith a’ sìreadh tùs coimhearsneachd Ghleann Tholastaidh agus a’ dèanamh sgrùdadh air cò leis sinn agus cò às an tàinig sinn a thug toiseach dhan taisbeanadh seo. Tha an t-àite fhèin ag obair mar bhùthal airson obair an luchd-ealain a thàinig còmhla airson a’ phròiseact agus tha na freagairtean ealain fa leth aca a’ nochdadh nan ceanglaichean eadar-fhìllte a tha ri lorg ann an eachdraidh teaghlaich eileanaich.