Fiosrachadh

Iseabail MhoireachThug Iseabail Mhoireach ceum a-mach ann am Peantadh agus Meadhanan Measgaichte aig Sgoil Ealan Ghlaschu, a’ ceumnachadh ann an 1980 le BA ann an Ard-Ealain. Rugadh agus thogadh i ann an Leòdhas ach tha i a-nis stèidhte ann an Glaschu far a bheil an obair aice air an roinn eadar stiùideò peantaidh air taobh an ear a’ bhaile  agus Colaiste Stow far a bheil i na h-òraidiche Gàidhlig.

A bharrachd air a bhith a’ gabhail pairt gu cunbhalach ann an taisbeanaidhean buidhne aig An Lanntair ann an Steòrnabhagh agus aig Sabhal Mòr Òstaig anns an Eilean Sgìtheanach tha an obair ealan aice air nochdadh ann an taisbeanaidhean air an cumail le caochladh chomainn, a leithid Institiud Rìoghail Ghlaschu, Project Ability agus Lloyds TSB. Anns na beagan bhliadhnaichean a dh’ fhalbh tha i air obair a thaisbeanadh ann an galaraidhean prìobhaideach air feadh Alba, nam measg Mansfield Park Gallery ann an Glaschu, Randolph Gallery ann an Dùn Èideann agus Rendevous Gallery ann an Obar Dheathain.

 

Ann an 1991 dh’ fhàg i a an obair aice mar neach-teagaisg ealan ann an sgoiltean airson bliadhna a chur seachad a’ teagasg Beurla anns an Eadailt. As deidh eòlas a chur air doigh-beatha agus cànan eile chuir i roimhpe a’ chiad chànan aice fhein a thogail a-rithist as deidh dhi tilleadh a dh’ Alba. Tha i a-nis a’ teagasg luchd-ionnsachaidh inbheach a tha airson a bhith fileanta sa Ghàidhlig. Tha an t-atharrachadh seo ann an cùrsa a dreuchd air buaidh a thoirt air an obair aice mar neach-teagaisg agus tha i air a bhith an sàs ann am pròiseactan foghlaim Gàidhlig ann an diofar shuidheachaidhean bho bhith a’ teagasg Gàidhlig aig colaiste ann an Carolina a Tuath anns na Stàitean, a’ coinneachadh ri luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air beulaibh a’ chamara air a’ phrògram telebhisein, “Cuairt nam Blog” ann an LA agus Alaska agus a’ cur ri chèile a’ chùrsa cànain “Gaelic Guru” airson prògram pìleat telebhisein a bhiodh ag amas air luchd-ionnsachaidh bho air feadh an t-saoghail.

 

Ged is e obair gu math dùbhlanach a th’ ann an teagasg ‘s e aon bhuannachd a  na cois gu bheil an obair a’ tabhainn na stèidhealachd a tha a dhìth ann an adhartas dreuchdail is pearsanta neach-ealan.

 

 

 

 

 

 

 

“Bìdh na tha an luib ann a bhith a’ cumail suas agus a’ cur air adhart cànan agus cultar na Gàidhlig a’ toirt buaidh air mo bheatha ann an iomadh dòigh ach a bharrachd air an sin, tha a’ chùis seo air mo chuideachadh mar neach-ealan le bhith a’ toirt stiùireadh dhan obair-ealan agam. Ann am bàrdachd is òrain Ghàidhlig tha fearann agus an àrainneachd nàdarra a’ brosnachadh faireachdaidhean domhainn agus tha buaidh làidir aig a’ chuspair seo air an obair agam.

 

Bheir sealladh is fuaim a’ chuain buaidh sònraichte air àigne mac an duine mar a tha fhios aig eileanach sam bith. Agus mar eileanach a tha a-nis a’ fuireach ann an àrainneachd cathaireil baile mhòir tha e furasta tuigsinn carson a tha iomhaighean stèidhte air uisge a’ nochdadh cho tric san obair agam; bho acarsaidean, lochan is cladaichean gu bruachan aibhnichean no farsaingeachd a’ chuain. A’ cleachdadh camara no bhideo bìdh mi a’ feuchainn ri na pàtranan a tha a’ ghaoth no solas na grèine ag adhbharachadh a ghlacadh agus a’ cruthachadh phàtranan ann am peant a tha ag èirigh a-mach às an sgrùdadh sin.

 

Dhomhsa tha an coimeas eadar na h-iomhaighean seasmhach, soilleir, cruaidh a tha os cionn an uisge agus na cumaidhean a tha ag atharrachadh agus a’ sìor ghluasad gu h-iosal ag obair mar samhla a tha a’ riochdachadh atharraichean ann an eachdraidh choimhearsnachdan a tha air a bhith an eisimeil air a’ chuan airson beò-shlaint sna lìnntean a dh’ fhalbh.”